kimurho: a wee man riding on a cat (Default)
An teacsa airson Litir do Luchd-ionnsachaidh #738-739

An Sagart agus na Sìthichean
no
An Sagart à Pabaigh


A rèir beul-aithris, goirid às dèidh do Chalum Cille tilleadh a dh'Eilean Ì, chaidh fear de na sagartan Pabach don Eilean Sgitheanach airson tadhal air daoine. Ràinig e innis anns a' choille anns an robh corra clach an siud 's an seo. 'S dòcha gun robh faisg air Leitir Fura ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach.

Cha robh aig an t-sagart ach an t-aodach a bha uime agus bachall. B' e am bachall an aon rud saoghalta a bhuineadh don t-sagart agus bha e prìseil dha. Chaidh a dhèanamh dha le sagart eile faisg air a' mhanachainn aige air tìr-mòr na h-Alba. Bha e air a dhèanamh de dh'fhiod uinnsinn.

Bha an sagart sgìth agus rinn e suidhe airson beagan fois a ghabhail. Chuir e am bachall ri a thaobh. Fhad 's a bha e a' gabhail fois, dh'fhairich e fuaimean agus gluasadan anns a' choille a bha ceithir-timcheall air. Bha e dhen bheachd gun robh e a' cluinntinn ghuthan, ach bha iad beag agus cha bhuineadh iad do mhac-an-duine.

Choimhead e suas agus cò bha air a bheulaibh ach sluagh mòr de dhaine beaga. Bha iad eadar trì is ceithir troighean a dh'àirde. Ach a-mhàin sin, bha iad coltach ri daoine àbhaisteach.

Chlisg e agus, airson a dhìon fhèin, rinn e comharra na croise. Ach cha do chuir sin eagal air an t-sluagh. Thàinig fear dhiubh - bodach beag le feusag liath - air adhart agus chaidh e air a ghlùinean. "Tha mi ag iarraidh," ghuidh e, "gum beannaich sibh na daoine agam." Bha an sagart air coinneachadh ris na sìthichean.

"Cò sibh?" dh'fhaighnich an sagart.

"Sìthichean," fhreagair am bodach. "Tha sinn ag iarraidh oirbh ùrnaigh a dhèanamh air ar son. Cha d' fhuair sinn riamh beannachadh Dhè."

Dh'èirich an sagart. "Ùrnaigh a dhèanamh air ur son?!" thuirt e. "Cha dèan mi sin a-chaoidh. Do pheacaich mhòra mar a tha sibhes, chan eil mathanas ann."

Leig am bodach beag osna ach cha tuirt e smid.

Thàinig cailleach bheag air adhart. "Tha aoibhneas ann an Nèamh," thuirt i, "mu aon pheacach a tha a' gabhail aithreachas. An neach a thèid a lorg Dhè, cha tèid a dhiùltadh."

Chuir faclan na caillich dragh air an t-sagart. Ach, fhathast, bha e a' creidsinn gur ann a dh'Ifrinn a bhuineadh na sìthichean. "B' e fheàrr leam gum biodh mo bhachall na chraoibh a-rithist seach gum faigheadh sibhse mathanas Dhè," thuirt e. "Thallaibh às mo shealladh!"

Agus theich na sìthichean. Ged a bha e deimhinne na theachdaireachd, bha teagamh ann an inntinn an t-sagart. Mheòraich e air aodan a' bhodaich agus aodann na caillich nuair a dhiùlt e na tagraidhean aca. Bha inntinnn làn smuaintean agus dhìochuimhnich e, a bhacall a thoirt leis nuair a dh'fhalbh e. Lean e air tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean. Bha am fuaim air feadh na coille.

Bha an sagart air an rathad a thadhal air teaghlach agus ràinig e am bothan aca. Bhaistich e an leanabh ùr aca. Agus thug e rabhadh do phàrantan a' phàiste a bhith air am faiceall oir bha sìthichean anns an nàbachd.

Chuimhnich e a bhachall. Rinn fear an taighe bata ùr dha de dh'fhiodh-uinnsinn. Ach bha an seann bhachall prìseil don t-sagart agus chuir e roimhe a lorg.

Dh'fhàg e an taigh, agus thill e do innis anns a' choille. Ràinig e i ach cha robh sgeul air a' bhachall. Far an do dh'fhàg an sagart a bhachall, bha craobh-uinnsinn mhòr air èirigh.

Thuit an sagart do a ghlùinean. Rinn e ùrnaigh airson ùine mhòr. Bha e a' cuimhneachadh na thuirt e ris na sìthichean. Bha e a' gabhail aithreachas. Bha e a' creidsinn gun robh Dia air bruidhinn ris. Ghairm e air na daoine beaga ach cha do thill iad. Ghluais e tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean ach cha tigeadh iad faisg air.

Thill an sagart a Phabaigh far an d'fhuair e cead an t-eilean fhàgail airson a bhith a' fuireach anns a' choille. Rinn e searmonan a latha 's a dh'oidhche do dhuine sam bith a dh'èisteadh ris. Agus do dh'ainmhidhean is eòin is craobhan. B' e an teachdaireachd aige 'Mathanas Dhè agus mar a gheibh duine sam bith e'. Mean air mhean sguir an caoineadh sa choille, ach chan fhaca an sagart na daoine beaga tuilleadh.

Profile

kimurho: a wee man riding on a cat (Default)
kimurho

June 2025

S M T W T F S
1234567
891011121314
15161718192021
22232425262728
2930     

Syndicate

RSS Atom

Most Popular Tags

Style Credit

Expand Cut Tags

No cut tags
Page generated Jul. 15th, 2025 10:10 pm
Powered by Dreamwidth Studios